Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Calum Alex MacMillan > Tàladh Nan Cuantan > Eathar Dubh A Bradhagair
|
Eathar Dubh A Bradhagair |
| Credits : | Traditional; arranged by Allan Henderson & Calum Alex MacMillan |
| Appears On : | Tàladh Nan Cuantan |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| Hò-rò chunna mi | Hò-rò I saw |
| 'S gu faca mi i seòladh | Indeed I saw her sailing |
| Hò-rò chunna mi | Hò-rò I saw |
| 'S gu faca mi i seòladh | Indeed I saw her sailing |
| Hò-rò chunna mi | Hò-rò I saw |
| 'S gu faca mi i seòladh | Indeed I saw her sailing |
| A' dol os cionn a' Bhraga | Going above Bragar |
| Moch sa' mhadainn air Didòmhnaich | Early on Sunday morning |
| Chunna mi bhon doras | I saw from my doorway |
| Moch sa mhadainn 'n àm dhomh èirigh | Early in the morning when I was getting up |
| Eathar dubh à Bradhagair | A black boat from Bragar |
| 'S e shaoil mi bh' innte "Whaler" | I thought she was a whaler |
| Sac oirre do chanabhas | She carried such a weight of canvas |
| A bha cur fodha gèillean | As to sink her "jaw" |
| Ag iarraidh chun na h-acarsaid | Hurrying to the anchorage |
| 'S na bodaich 's iad nan èiginn | Because the old men were in trouble |
| Anmoch air Di-Sathuirn | Late on Saturday |
| Ann an sruth a' Ghallan Uigich | In the current of Gallan Head |
| 'N àm cur oirre canabhas | When it was time to raise more sail |
| 'S na bodaich air co-dhùnadh | As the old men had decided |
| Chaill i 'n t-iarunn iarach | She lost the iron pintle |
| A bha 'n ceanglaichean na stiùire | In the rudder-bands |
| 'S chaill bodaich Bhradhagair | And the old men of Bragar lost |
| An dachaidhean san cùrsa | Sight of their homes and their course |
| Chunnaic fear an t-signal i | The man at the signal saw her |
| 'S gun fhios co às a dh'fhalbh i | And wondered where she had set out from |
| Chuir e suas bratach riu | He raised a flag to them |
| 'S bha acadan te dhearg ris | And they answered with a red one |
| Ag innse mar a thachair dhaibh | Telling what had happened to them |
| Di-Sathuirn, 's e cho anmoch | Late on Saturday |
| 'S an naidheach sin a lìobhraigeadh | And to deliver that piece of news |
| 'S a h-innse 'n sgìre Bharbhais | And announce it in the parish of Barvas |
| Nuair shoillsich an là dhaibh | When the day dawned |
| 'S a dhearc iad air a' Champar | And they beheld the Campar |
| Bha cuid ac ann an agartas | Some were arguing |
| Am b' e sud fearann Leodhais | About whether that really was the land of Lewis |
| Ach thuirt fear de na maraichean | But one of the seamen said |
| Gum b' aithne dha an tom ud | That he recognized a particular hillock |
| Gun leugh e fhèin na leabhraichean | That he himself had read the books |
| 'S gu leòr aca fo rùm dhiubh | As there were plenty of these below deck |
| Suas caolas a' Bhraga | Up the Sound of Bragar |
| 'S an acarsaid fo gualainn | With the anchorage on her shoulder |
| Cha robh guth air "Latitude" | There was no mention then of Latitude |
| No sgoil na mara 'n uair sin | Or the nautical school |
| Bha fear aig a "Windlass" | There was a man on the windlass |
| A' tomhais leis a luaidhe | Sounding with the lead |
| 'S ann dh'ionnsaich e an t-seòldareachd | He had learned his seamanship |
| Bho òige ri na cruachan | When he was young at the peat-sacks |
| Nuair ràinig iad an acarsaid | When they reached the anchorage |
| Cha robh na bodaich fialaidh | The old men there were not kindly |
| Cha reiceadh iad an langa | They would not sell the ling |
| No na sgaitean air na b' fhiach iad | Nor the skate for what they were worth |
| Ach reiceadh iad a' bhiorach riunn | But they would sell dogfish to us |
| Air sgillin thoirt an t-sia orr' | A shilling for six |
| Nach b' annasach an naidheachd sin | Wasn't that a strange story |
| Ga reic an Nis le Siaraich | West men selling them in Ness |
| Cheud chuimhne th' agams' | In my earliest memory |
| Mar as aithne don an t-sluagh e | As everybody knows |
| Cha tigeadh bodaich Bhradhagair | The Bragar men would not come |
| Reic bhiorach ruinn an uair sin | To sell us dogfish at that time |
| Bha iasgairean sa bhaile seo | There were fishermen in this township |
| A chuireadh iad cho suarach | Who regarded them as so despicable |
| 'S nach leigeadh le an aineolas | That their ignorance prevented them |
| A rèiteach an cuid shuap iad | From managing their business competently |
| Hò-rò chunna mi | Hò-rò I saw |
| 'S gu faca mi i seòladh | Indeed I saw her sailing |
| Hò-rò chunna mi | Hò-rò I saw |
| 'S gu faca mi i seòladh | Indeed I saw her sailing |
| Hò-rò chunna mi | Hò-rò I saw |
| 'S gu faca mi i seòladh | Indeed I saw her sailing |
| A' dol os cionn a' Bhraga | Going above Bragar |
| Moch sa' mhadainn air Didòmhnaich | Early on Sunday morning |